Displaying extended context for query match in text 102003
    

“ Na labhair ach maith mu na mairbh , ” theirte o shean ; agus gu firinneach ' s ann le h - urram agus le seirc a b ' airidh sean mhaighstirean - sgoil na h - Alba a bhi air an cuimhneachadh .
 
Agus ged nach rachadh mo shean mhaighstir a thaghadh á measg drobh an diugh a lionadh aite falamh , b ' airidh e air meas agus air tlachd , agus is ann le meas agus le tlachd a tha a chuimhne air a gleidheadh aig gach sgoilear a bha fo ' theagasg .
 
Cha bhithinn seachd bliadhna dh ' aois nuair a chaochail e ; ach tha mo chuimhne an diugh air a dhreach ' s air a dhoigh cho maith ' s a bha i an la a dh ' adhlaiceadh e .
 
Bha e ' s an arm ' n a oige , agus thug an t - oileanachadh a fhuair e an sin seasamh direach a ' s gluasad fearail dha nach do dhealaich ris re a bheatha .
 
Duine breac - liath , mu dheich - a ' s - tri - fichead ; deas ' n a phearsa ; aghaidh

Powered by CQPWeb