Displaying extended context for query match in text 400125
    

ag èirigh às an dòigh anns a bheil am bàrd a ' cleachdadh a chànain .
 
Taobh a - mach na cèill a tha anns a ' gheàrr - chunntas , faodar a ràdh gu bheil mòran fhacail anns an dàn ag innse mu na coin , facail eile ag innse dè tha iad a ' dèanamh , facail a ' luaidh an dùthaich anns a bheil iad , facail mun fhiadh agus mu bhuaidh nan con air inntinn a ' bhàird .
 
Thuirt mi gur e caontachd aon de bhuadhan bàrdachd mhath .
 
Shaoileadh neach nach eil geàrr - abairt anns an dàn seo ach tha .
 
Tha a chionns gu bheil an dàn air a stèidheachadh air aon phrìomh shamhladh , madaidhean an dèidh fèidh , agus gu bheil an leudachadh a tha an dàn a ' dèanamh air an t - samhladh seo ag innse uabhas dhuinn mu inntinn agus faireachdainn a ' bhàird .
 
Tha na loidhnichean an langan gallanach a ' sianail thar loman cruaidhe nan àm cianail ag innse gu goirid an dragh ' s an fhulangas a bha a bhàrdachd ag adhbhrachadh don bhàrd .
 
Tha mac - meanmainn chumhachdadh anns an dàn ach

Powered by CQPWeb