Displaying extended context for query match in text 100
    

cròm ; ' S am minnean riabhach bu luime cliathach , Le chunnein fiata , is fiadhaich ceann , ' Na chadal guamach an lagan uaigneach , Fo bhàrr na luachrach na chuairteig chruinn .
 
Is lìonmhor cnuasachd a bha mu ' n cuairt dut , Ri àm am buain gum b luaineach clann , Ri tional guamach , gu fearail suairce , ' S a ' roinn gu h - uasal na fhuair iad ann ; Céir - bheach na cnuacaibh , an nead na chuairteig , ' S a mhil ' ga buanachd air cruaidh an tuim , Aig seillein riabhach , breaca , srianach , Le ' n crònan cianail is fiata srann .
 
Bha cus ra ' fhaotainn de chnothan caoine , ' S cha b ' iad na caochagan aotrom gann , Ach bagailt mhaola , bù taine plaoisg , A ' toirt brìgh á laoghan na maoth - shlait fann , Srath nan caochan ' na dhosaibh caorainn , ' S na phreasaibh caola , làn chraobh a ' s mheang ; Na gallain ùra , ' s na faillein dhlùtha , ' S am barrach dùinte mu chùl nan crann .
 
Gach àite timcheall

Powered by CQPWeb