Displaying extended context for query match in text 400120
    

dhan dòigh - obrach , a ' tabhairt air falbh bhon t - saidheans chrìochnaichte .
 
Chaidh Bruno a losgadh a - chionns gun do chuir e dheth gu h - àrd - mholach às leth neo - chrìochnachd an domhain , agus ged a ghabhadh e creidsinn gur h - ann mar dhìomhaireach no mar bhàrd a dh ' fhulaing e an cràdh , bhitheadh e doirbh dhàsan a chreidsinn gur h - ann mar shaidheantair a bha e a ' fulang , oir nam b ' ann mar sin a bha e bhitheadh e air bàsachadh air sgàth abairt às àite .
 
' Sann ri Eachdraidh nan Geur - leanmhaìnn is ri Eachdraidh an t - Saidheains a tha a bhàs a ' buntainn : chan ann ris an t - Saidheans fhèin .
 
San dòigh seo chaidh saoghal nan craobh is nam blàth , saoghal gaoireil a ' chinne - dhaonna , a iompachadh ' na dhomhan reòidhte shineasoidean , litrichean Greugach is tuinn coltachd .
 
Agus rud na bu mhiosa buileach , ' se deireadh an sgeòil a bha siod .
 
Diùltaidh fear - saidheains seasmhach sam bith beachdan a thoirt seachad air na dh ' fhaodas

Powered by CQPWeb