Displaying extended context for query match in text 400125
    

guth ìosal stuama a tha seo , guth dotair a tha fòghlamaichte ann an iomadh galair ' s nach eil idir a ' leum a - steach a thaighean an luchd - euslain le lachan gàire is sgeulachdan èibhinn .
 
' Se rud as doirbhe don bhàrd tomhas a chur air a mhacmeanmna , a bhith ' g ràdh nas còir dha a ràdh .
 
Ann an dòigh ' se beus Greugach a tha seo agus ' sann le sùil Ghreugach a tha MacAmhlaigh a ' coimhead an t - saoghail .
 
Agus tha cruth na bàrdachd aige stuama , amharasach .
 
Chan eil ceòl àrd - ghuthach innte , chan eil a siùil a ' bòcadh le gaoth rolaisteach , ach gu faicilleach tha i lorg na sgeirean a th ' anns a ' bhàgh mus toir i cuan mòr oirre ( agus feumar faighinn a - mach a bheil cuan mòr ann , feumar dèanamh cinnteach a bheil sinn airidh air a ' cheòl a tha sinn a ' cleachdadh ) .
 
Fon bhàrdachd seo tha sinn a ' cluinntinn mar gum b ' ann air latha samhraidh guth searbh na mara .
 
Ach chan e eu - dòchas

Powered by CQPWeb