Displaying extended context for query match in text 400120
    

a - chionns gur h - ann ri saoghal luachan air a bheil an saidheans aineolach a bhitheas e a ' buntainn .
 
Ma tha fear - gheoimeatrais ann a dhiùltas teoirim Phiotagarais , is e dhen bheachd gur h - e nì claon grànnda th ' ann , tha e nas coltaiche gun teid a dhruideadh suas ann an taigh - chaoich na a leigeil a - steach do chòmhdhail mhatamataicearan .
 
Tha e a cheart cho gòrach nuair a their duine “ tha fìor earbsa agam à prionnsabal gleidheadh an lùiths ” ; is iomadh saidheantair a rinn abairt dhen t - seòrsa ud , do bhrìgh gur h - ann mar bhith daonna aon - fhillte le a chuid fhèin de fhaireachdainnean is de dhìoghrasan a bhitheas e a ' mìneachadh an t - saidheains , is chan ann mar fhear cumhang cruaidh an t - saidheains .
 
A thaobh leudachadh - a - mach an t - saidheains obraichidh an duine aonair leis a ' mheasgachadh seo de smuaintean fìor - ghlan , de thòcaidhean is de chlaon - bhàighean a chomharraicheas a - mach a chor talmhaidh : spreagar a rannsachaidhean le tlachd , le feòrachas

Powered by CQPWeb