Displaying extended context for query match in text 400119
    

chàr tarsainn air na solais , agus le faochadh nach bu bheag , mhothaich Iòseph deise phoileis air .
 
Cha mhòr nach do ruith e fhèin ' s Mòrag an còrr dhan rathad chon a ' chàir .
 
Thionndaidh am fear a bha coimhead air na làraich san t - sneachda am biudhagan orra , chuir e an solas thairis orra o mhullach an cinn gu bonn an coise , thug e sùil air a ' bhascaid a bha Iòseph a ' giùlain , mun do bhruidhinn e .
 
' S an sin dh ' fhoighneachd e ann an guth amharasach — guth nàdurra a ' phoileis , “ Agus co as a dh ' èirich sìbhse ?
 
” Shìn Iòseph a làmh an taobh as an tàinig iad , na co - dhiù cho faisg air an àite sa robh an taigh ' s a dhèanadh e mach .
 
“ Bhris an càr againn sìos ' s thabhainn cuideigin fasgadh na h - oidhche dhuinn — tha e fuireach pìos far a ' rothaid a sin .
 
Chaidh sinn còmhla ris , ach - - - - ach - - - - ” .
 
Cha robh e buileach cinnteach ciamar

Powered by CQPWeb