Displaying extended context for query match in text 400118
    

e a mealladh ged bhiodh aice beartas na bann - rìgh .
 
Cha robh an teagamh bu lugha aige nach robh i air a mealladh a thaobh a cholais — ' s leis a ' naidheachd a bh ' aige mu na sgorraidhean a dh ' fhàg prìosan is droch - ghiollachd air aodann ' s ' na bhodhaig .
 
Bha chuid sin dheth fìor co - dhiù , ged a thachair mòran dheth mun do choinnich e riamh ri Ciaran , ' s ann an iomadh ceàrna dhan t - saoghal .
 
Cha robh Cairistìona air tè dhan fheadhainn amharasach ; bha i ro neochiontach neo - dhùbailte ' na nàdur fhèin .
 
Bha sin soilleir eadhoin do leithid Phàdraig , a chaith a bheatha a - measg fhir agus mhnathan nach robh cur onair neochiont uabhasach àrd a - measg nam beus a bha riatanach airson beatha agus beòshlaint .
 
Faodaidh airson a ' chiad uair ' na bheatha gun do choinnich Pàdraig ri boireannach dham b ' urrainn e gaol is urram a thoirt air a sgàth fhèin ' s chan ann air sgàth a cuid na maoin .
 
' S bha i fo cheangal - pòsaidh aig

Powered by CQPWeb