Displaying extended context for query match in text 100
    

n ' eil am fòlach a ' d ' choir ' san àm , Ach mèunan còinntich , o ' s e bu nòsaire , Air a chòmhdachadh bhos a ' s thall : Na lagain chòmhnard am bun nan srònag , Am bi na sòghraichean , ' s neòinein fann , Gu bileach , feòirneineach , milis , roineagach , Molach , ròmach , gach seòrs ' a th ' ann .
 
Tha mala ghruamach , de ' n bhiolar uaine , Mu ' n h - uile fuaran a th ' ann san fhonn ; Is doire shealbag aig bun nan garbh - chlach , S grinneal gainbheich ' gu meanbh - gheal , pronn ; ' Na ghlugaibh plumbach air ghoil gun aon teas , Ach coileach bùirn tighin ' á grunnd eas lòm , Gach struthan uasal ' na chuailean cùl - ghorm , A ' ruith na spùtaibh , ' s na lùbaibh steoll .
 
Tha bradan tarra - gheal sa choire gharbhlaich , Tha tig ' n o ' n fhairge bu ghailbheach tonn , Le luinneis mheamnach a ' ceapa mheanbhchuileag , Gu neo - chearbach le cham - ghob cròm : Air bhuinne

Powered by CQPWeb