Displaying extended context for query match in text 400116
    

an comhairlean - sgìre , agus anns na comainn eile a tha a ' saoithreachadh as leth maith an t - sluaigh .
 
Seadh , chaidh coimhthionalan eaglaise a neartachadh leis na daoine a tha air tighinn a - steach on taobh a - muigh .
 
Tha coimhthionalan ann a tha fo fhiachan do na coigrich sin a tha deònach agus deiseil gu bhith a ' dol air ceann adhraidh air an t - Sàbaid , ann an latha anns a bheil ministearan an t - soisgeil air fàs cho tearc .
 
Dè is coireach gum bi sinn uaireannan cho amharasach mu na coigrich a bhios a ' tighinn a - steach nar measg ?
 
Nach e an t - eagal ?
 
Mas e Goill no Sasannaich aig a bheil cuid de na prìomh àiteachan air mòran de na comainn agus de na comhairlean air a ' Ghàidhealtachd agus anns na h - Eileanan , nach e coire a ' Ghàidheil fhèin a tha ann , nach eil e toileach a dhol air ceann dleasdanais ?
 
' Sann a chionn nach eil sinn cinnteach gu leòr asainn fhèin mar shluagh a bhios sinn a ' fàgail nan uallaichean sin aig daoine

Powered by CQPWeb