Displaying extended context for query match in text 16
    

Tha fhios aige gur toigh leam a bhith leughadh sgeulachdan detective , gu h - àraidh on chaochail Sìlis , a ' bhean agam .
 
Tha mi ' g innse seo uile dhut an toiseach a chum gum bi fhios agad gur urrainn dhomh coimhead orm fhìn on taobh a - muigh !
 
” Cha do leig Alasdair air dè bha e smaoineachadh ged a bha e cinnteach , cha mhòr , gun robh an seàirdeant ceart .
 
Bha e ro shoirbh trusdair sgeulachd a dhèanamh de Mhullins .
 
Bha e ga fhreagairt cho math .
 
“ Dè rinn amharasach thu an toiseach ?
 
” ars esan .
 
“ Uill , tha e mar seo , ” arsa MacPhàil .
 
“ Chan eil aon rud is urrainn dhut do chorrag a chur air , ach tha leithid de rudan neònach ceangailte ris a ' ghnothach .
 
” “ Agus dè iad sin ?
 
” dh ' fhoighnich Alasdair ' s e fàs caran mì - fhoighidneach .
 
“ Uill , ' s e chiad rud a fhuair mi mach nach eil , a - rèir coltais , na tha iad a ' reic de leabhraichean a ' freagairt na tha

Powered by CQPWeb