Displaying extended context for query match in text 217001
    

mheudachd an t - sluaigh a leigeadh ris gu ' n do shìolaich iad o stoc Gearmailteach .
 
” Tha fios aig gach neach gu ' n robh suaip nach bu bheag aig na sean Ghearmailtich agus na sean Cheiltich ri chéile ' nan coltas , ' nan cruth , agus ' nam meudachd .
 


[TD 6]

Ann a bhi ' g oidhirpeachadh air a dhearbhadh gu ' n robh na Cruithnich tur eadar - dhealaichte o na Ceiltich , tha ' n t - Ollamh Rhys a ' cumail am mach gu ' n robh càirdeas soillear eadar cainnt nan Cruithneach agus a ' chainnt Bhascach — cainnt nach buineadh idir do ' n chànain Iranaich .
 
A réir ' aidmheil féin , dh ' fhairtlich air riamh dearbhadh seadhail fhaighinn air son na barail so .
 
Aig a ' cheart àm , tha e toirt air aghaidh seann sgrìobhadh iomraiteach — sgrìobhadh ogamach a fhuaireadh ' san t - Sealtainn — agus ag ràdh nach eil an tuaileas is lugha aige ris a ' Ghàidhlig , ris a ' chainnt Chuimreach , no ri cànain Iranaich sam bith eile .
 
Is iad na facail : — Xttocuhetts : ahebhttmnn :

Powered by CQPWeb