Displaying extended context for query match in text 102003
    

tha an gineil gus an latha an diugh , fhathast ann an seilbh dhligheach air cuibhrionn chuimseach de sheann oighreachd fharsuing , iomraideach Eidirdeil .
 
MUILEACH .
 
A ' CHRIOCH .
 
COMHRADH EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH .
 
CUAIRTEAR .
 
— An ann a rithist , Eachainn ?
 
Cha chreid mi nach ' eil leannan agad ' s a ' bhaile - mhor ; cha ' n urrainnear do chumail as .
 
EACHANN .
 
— Cha ' n ' eil , cha robh , agus cha bhi !
 
Chaidh laithean mo leannanachd fhein seachad , ' s ged bhithinn og ' s air toir mnatha , da - rireadh cha ' n ann am measg ghuanagan a ' bhaile - mhoir a rachainn a shuirdhe : ' s olc a fhreagradh iad do m ' leithid — ach suidhidh mi le ' r cead air a ' chathair — tha mo cheann ' s an tuainealaich .
 
CUAIR .
 
— Ciod so ' dh ' eirich do d ' cheann , Eachainn ?
 
EACH .
 
— Thig e uaithe ri uine , tha dochas agam , ach cha seasadh ceann iaruinn , gun ghuth air eanchainn cumanta an t

Powered by CQPWeb