Displaying extended context for query match in text 400108
    

” Dh ' fhalbh iad is Seonaidh gu sona chionns gun robh e dol a dheanamh gniomh màth do dh ' Erchie , a dheagh charaid .
 
Nuair a ruig Seonaidh a ' gharaids aig Colla thug e sùil mun cuairt is mhothaich e do dhithis nighean nan suidhe ag obair ann an oifis ghlaine troimh am faodadh iad sùil a chumail air cò thigeadh no dh ' fhalbhadh .
 
Chaidh tè dhiubh leis gu oifis Cholla is bha ' n t - èile a ' gabhail beachd air an duine seo a bha a ' coimhead gu h - amharasach bho thaobh gu taobh , a cheann air a tharraing a - staigh ri bhrollach mar gun robh eagal air gun tigte air bho chùlaibh , is le gàire beag aoireil thuirt i ris an t - èile , “ Chan fhada a mhaireas an gioball ud aig Colla .
 
Bithidh e mach cho luath is nach fiach dhut suidhe .
 
” Bha i air a mealladh .
 
Bha Colla , a bha na thàmh , air a chasan a leagadh bho ' n dasc is air suidhe gu dòigheil mun dàinig Seonaidh na làthair , a ' putadh na

Powered by CQPWeb