Displaying extended context for query match in text 102006
    

shuain - chad -

[TD 302]

ail fo chathair a ' phìobaire bha Fionn a chù - chaorach , ' s e ach beag cho catharra ri ' mhaighistir agus air a bhlian thall an oisinn làmh ri gunna ' ghìomanaich , bha Jet cù - ianaich còir Dhònuill .
 
An uair a ràinig an cònnsachadh an ìre so , chuir Beitidh le seòrsa de bhalla - chrith bhuaipe an stocaidh , agus theann i stigh dh ' fhiach an cuireadh i sìth orra .
 
Fhuair i am pìobaire air a bhonnaibh air an ùrlar ' s a phìob na ' achlais , ' s e ' s a ' chrògairt ' s an dorcha a ' siubhal a bhoineid agus tuar fìor dhroch - ghean air .
 
“ Gabhaidh sibh aon chuach eile bhuam fhein , a Mhr Camran , mu ' m falbh sibh ' s an oidhche cho fuar , ” osa Beitidh .
 
“ Is fìor phuinnsein uisge - bheatha a fhuair sinn bhuaibh a nochd , a Mhrs MacDonald , bheireadh e ' fhoighidinn bho dhuine sa bith , ” os am pìobaire cho ascaoin ' s a b ' urrainn da .
 
“ Gu dearbh ,

Powered by CQPWeb