Displaying extended context for query match in text 102003
    

thigh fein , no ann an aite sam bith eile fo ' n ghrein ; oir tha barrachd meas na sin agam ort fein agus air do theaghlach .
 
Ach gun teagamh chuir thu iongantas nach bu bheag orm le farsuingeachd an eolais a leig thu ris dhomh o ' n chomhlaich sinn mu dheireadh , an coimeas ris na bha agad an uair a thainig sinn an car a cheile an toiseach .
 
COIN .
 
— Tha taing a thaobh sin dligheach dhuit - sa ad aonar , a charaid ionmhuinn ; oir mar b ' e thusa , bhithinn - sa an diugh co aineolach ri loth na h - asail fhiadhaich .
 
Is tu a stiuir mi air mo chairdibh urramach na Gaidheil fhogluimte sin a thug gach eolas domh ann an cainnt mhilis mo mhathar .
 
MUR .
 
— Is comadh leam do bholaich agus do ghoileam , a Choinnich , oir is iad do dhichioll agus do dhurachd fein a rinn an gnothuch air .
 
Ach faic , a charaid , faic ciod a chuir Seonaid choir air mo ghluin , o ' n chaidh thu a mach — mir mor de ' n chlodh ghlas

Powered by CQPWeb