Displaying extended context for query match in text 400086
    

mi air na h - uiread a dhiochuimhneachadh .
 
Co - dhiù , nuair a ràinig mi sheall a ' chailleach dhomh càit am bithinn a ' cadal .
 
Chan e gun robh i ' na caillich an uair sin — dé bhitheadh i ?
 
Can mu leth - cheud .
 
' S dòcha gun robh i car cruaidh ' na dòigh .
 
Ach cuimhnich nach robh mise ach a - mach ás an sgoil — ' sann a bha i glé chaomh seach an fheadhainn a bha air a bhi gam theagasg .
 
Is cuideachd bha i droch - amharasach mu nighnean òga cha robh fios dé dh ' fhaodadh iad a dhèanamh .
 
“ Tha thu glé fhortanach , ” ars ise , “ tha rùm agad dhuit fhéin , rud nach eil aig móran de nighnean eile dhe do sheòrsa .
 
Agus seall a ' chiste tha seo : cumaidh tu d ' aodach ' s do ghnothaichean uile innte , ' s mar s ' n bidh an rùm sgiobalta .
 
Sguabaidh mi fhìn e , ach càiridh tu fhéin do leabaidh a h - uile madainn mun falbh thu .
 
Airson anart na leapa , coimhididh

Powered by CQPWeb