Displaying extended context for query match in text 102006
    

tiota .
 
Gabh an t - each fein eagal .
 
Stad e rè tamuill , agus cha bu lugha na sin geilt a ' mharcaich .
 
Mu dheireadh ghreas e an t - each air aghaidh , an uair , ann am

[TD 22]

priobadh na sùla , ghrad - leum fear - reubainn gu taobh an rathaid , agus thilg e solus an dorch - lochrain aige ann an sùilibh a ' mharcaich .
 
Cha do labhair an droch - fhear smid , ach air tilgeadh dha an lòchran air an làr rug e air gunna a bha fo ' achlais gu losgadh air a ' cheannaich .
 
Chual an ceannaich gliog , gliog aig glais a ' ghunna , an uair a bha an robair ' ga cur air an làn - thogail .
 
Ghrad - tharruing e an t - iarunn - leagaidh , bhuail an spor air an òrd léum sradan a mach , ach air do ' n ghléus agus do ' n fhùdar - chluaise a bhi mar aon fliuch , cha do loisg am fudar , agus uime sin , dhiult an gunna .
 
Bha corruich air an fhear réubainn , agus ann am briathraibh

Powered by CQPWeb