Displaying extended context for query match in text 102003
    

ar gnothaichean fein , faodaidh mi a radh mu laghannan an Hypothec agus a ' Ghame gu ' m bheil iad a dh - aindeoin gach geallaidh agus cumail a mach a bh ' againn ann an 1868 , fhathast anns an aon staid ' s an robh iad aig dunadh Parlamaid na bliadhna sin .
 
' S e mo bheachd an comhnuidh mu lagh an Hypothec gur e ceist a th ' ann a bhuineas do ' n Tuathnach na ' s mò na do ' n Uachdaran ; agus o ' n tha an Tuathnach na ' aghaidh bhithinn ro dheas gu chur air chul .
 
Tha laghannan a ' Ghame o chionn iomadh bliadhna ' n an campar mor , ach tha eagal orm ged rachadh maighichean agus rabaidean a thoirt as an lagh uile gu leir , nach bitheadh a h - uile gnothach ceart fhathast ged tha cuid a ' smuaineachadh gu ' m bitheadh .
 
Bhitheadh sluagh fhathast moran na bu mho air am buaireadh gu dol thair criochan agus fearann dhaoin eile a dh - aindeoin an lagh .
 
B ' e moran a b ' fhearr , a reir mo bharail - sa

Powered by CQPWeb