Displaying extended context for query match in text 400075
    

Lìonadh am fleasgach le leithid de uamhainn agus nach b ' urrainn e gluasad , ach chaidh aige , critheanach ' s mar a thachair dha bhi , gun nì a a dheanamh a bhrathadh fhaireachdainn .
 
Thàinig e thuige féin gu grad agus air dha fios a bhi aige gu robh éifeachd seunaidh anns a ' cheòl a chumadh fo smàig spiorad an uilc air an robh geur mhothachadh aige a bhi ro dhlùth , is ann a thog e a rithisd air cluichd na tromb .
 
Cha bu luaithe a rinn na thug ise sùil chrosda , amharasach air is dh ' àithn ' i dha e a sguir de ' n cheòl air neo gun dùisgeadh e an

[TD 238]

fheadhainn a bha ' nan cadal .
 
Cha tug esan géill do a cainnt ach a ' sealltainn an taobh a bha iadsan , thug e an aire do nithean a chuir crith - oillt buileach air .
 
Bha an dithis fhear ' nan cadal , ach b ' e cadal a ' bhàis a bh ' ann .
 
Bha an sùilean mar shùilean gloine , fosgailte gun deò annta , ag amharc suas ri mullach an tighe

Powered by CQPWeb