Displaying extended context for query match in text 102004
    

diol - deirce is bochda ' s an duthaich as an dùnan .
 
” Rug Paruig air na botainnean agus thoisich e air an slaodadh dheth , ach dheth cha tigeadh iad ; mu dheireadh thug e thairis dhiubh agus bha e brath togail air , an uair a thug e an ath shuil air na botainnean aluinn , ' s chuir e roimhe gu ' m biodh iad aige , dheoin no dh ' aindeoin .
 
Thug e mach sgian mhor , gheur , agus ghearr e na luirgnean bharr a ' chuirp , chàirich e ' n a achlais iad , a ' cur roimhe feuchainn ris na botainnean a thoirt diubh a ' chiad chothrom a gheobhadh e .
 
Cha b ' fhada rainig e an uair a chunnaic e ghealach a ' caogadh a mach fo sgéith neoil ; thug e nis fainear mar thug i an car as , agus , dh ' aithnich e nach robh e ach ro mhoch ' s a ' mhadainn ; bha sgàth air , agus air eagal gu ' m beirteadh air ' s gu ' n rachadh a ghiollachd coltach ris a ' chorp a bha e fein

Powered by CQPWeb