Displaying extended context for query match in text 100
    

dhusgadh .
 
Horò , hu - ill , horò !
 
Cha b ' e clagraich nan sraidean , So a b ' abhaist mo dhusgadh ; Cha b ' e clag nan cuig uairean , Bhiodh a ' m ' chluasan a dusgadh .
 
Horò , hu - ill , horò !
 
Cha b ' e clag nan cuig uairean , Bhiodh a ' m ' chluasan a dusgadh ; Ach an ceileir bu bhoidhche , Aig na h - eoin am Braigh ' Ruisgich .
 
Horò , hu - ill , horò !
 
Ach an ceileir bu bhoidhche , Aig na h - eoin am Braigh ' Ruisgich ; Bhiodh a chuthag air chreagan , ' S i toirt freagairt do ' n smùdan .
 
Horò , hu - ill , horò !
 


[TD 96]

Bhiodh a chuthag air chreagan , ' S i toirt freagairt do ' n smùdan ; ' S bhiodh a ' smeorach gu h - arda , ' S i air bharr nam bad dù - ghorm , Horò , hu - ill , horò !
 
Bhiodh a ' smeorach gu h - arda , ' S i air bharr nam bad dù - ghorm ;

Powered by CQPWeb