Displaying extended context for query match in text 102002
    

aineolach .
 
Anns a ' cheud litir cha d ' thuirt H .
 
W .
 
diog air na coisridhean , ach thuirt a gu ' n robh mathachadh mor air a dheanamh an ceol eaglaisean o chionn bheagan bhliadhnaichean .
 
Is e a thuig mise gur e na coisridhean a bha e a ' ciallachadh , oir tha iad a ' fas ro lionmhor ; agus ma tha luchd - aoraidh toilichte a bhi a ' toirt aoraidh do Dhia le proxies , dh ' iarrainn orra organ mor , briagh ' fhaotainn air ball , agus an sin cha bhithinn air mo bhódhradh le sgalail Fionnghail oig agus Catriona - ruaidh Nic - an - tailleir , no bùraich Alasdair chlachair .
 
Gu comhdhunadh , tha mi ag radh gu ' m feum na sreathan a bhi air an leughadh no air an canntaireachd am fad agus a bhios Gaidhlig air a searmonachadh .
 
Gu cinnteach cha ' n ' eil tlachd agam anns na coisridhean ach is toigh leam muinntir og a bhi a ' foghlum ciuil ; agus suidheadh iad air feadh a ' chomh - thionail , agus seinneadh iad cho math agus is urrainn iad .
 

Powered by CQPWeb