Displaying extended context for query match in text 400047
    

Africanaich gheal an dara leth no trì earrannan dhe ' n fhearann dha na daoine dubha .
 
Gnothach chosgail , their cuideigin , ach am bitheadh e cho cosgail no cho sgriosail ri cogadh eadar sluagh dubh Africa agus an sluagh geal ?
 
Ged a dh ' fhàgadh na Astràileinich an treas cuid dhe ' n fhearann ann a ' làmhan nan daoine dubha cha chreidinn gu feumadh aon Astràileineach geal a dhol a thigh - nam - bochd .
 
Tha Pàrlamaid agus Ard - Riaghailt Astràilia làn de dheagh rùn a thaobh nan daoine dubha ach tha mi amharasach mu ' n ghliocas , agus saoilidh mi an dràsda ' s a rithist gu bheil caora Spàinteach na cloimh mhìn agus bhaclach a ' tighinn eadar iad agus an solus .
 
Tha mi dearbhte ' nam inntinn fhéin gun do rinn na ' missions ' Chrìosdail cus a bharrachd maith a ' cuideachadh an t - sluaigh dhuibh na ri Pàrlamaid agus laghan gu sìorruidh .
 
Ma tha cridhe am an uchd a lagha , tha e fuar agus cruaidh , ach ; tha coibhneas , foighidinn agus carthanntachd anns na teachdairean soisgeulach nach còir dhuinn a dhìochuimhneachadh .
 

Powered by CQPWeb