Displaying extended context for query match in text 102004
    

a tha os a cionn , a thuilleadh air a bhreacan agus a ghunna , agus chuir e an ursainn geat i ann an dig .
 
Bhiodh aig an am ud na Sàilich a ' dol a Bhrathainn a phaidheadh a ' mhàil do Mhac - Coinnich ; agus bha e mar chleachdadh aig Mac - Coinnich a bhi toirt dinnearach comhla ris fhein do ' n chuid bu bheairtiche de na tuathanaich .
 
Bha Eoineachan air an fheadhain bu mhurraiche dhiubh , agus turus a chaidh e phàidheadh a mhàil thug e leis á Cinntàile mulchag chàise fo ' achlais .
 
Bha fhios aige gu ' n rachadh e thun a ' bhùird ; agus , ma ta , an uair a shuidh iad aig am biadh , a h - uile onoir a gheobhadh Eoineachan , ' s an uair a thaitneadh rud sa bith ris air leth , bheireadh e pòg do ' n mhulchaig a bh ' aige fo ' achlais .
 
Dh ' fhaighnich Mac - Coinnich dh ' e ciod a bha e dianamh mar sid .
 
Thuirt Eoineachan gu ' n robh e ' toirt urraim do ' n mhulchaig — gur h -

Powered by CQPWeb