Displaying extended context for query match in text 400040
    

againn gum biodh luchd - obrach a ' tòiseachadh air gluasad agus bha sinn dìreach a ' dol a dh ' fhàgail an rathaid - mhóir nuair a chuala sinn srann aig motor - bike .
 
Cha robh ùine againn air sinn fhìn fhalach , ' s cha robh ann dhuinn ach leantail oirnn ag earbsa gu saoileadh e nach robh annainn ach triùir dhe na Frangaich shaora .
 
' Sann a ' tighinn ' nar coinneamh a bha e , agus nuair a bha e dol seachad chunnaic sinn gun sheall e gu geur oirnn le sùil gu math amharasach , ach chùm e air adhart .
 
Chuir so iongnadh gu leòr oirnn , oir chunnaic sinn rudeigin eile timcheall air anns an dol seachad nach do chòrd ro mhath idir ruinn : b ' e sin am bràisde - suaicheantais a bha ann am broilleach na seacaid aige , am bràisde a bha sealltainn có a ' bhuidheann dha robh e .
 
Bha fios is cinnt againn nach robh fàthamas no iochd ri fhaotainn bho fhear sam bith a bha giùlan suaicheantas nan Nazi , agus mar sin chuir e iongnadh oirnn a dhol seachad .
 
Ach cha d

Powered by CQPWeb