Displaying extended context for query match in text 400029
    

a ' gheamhraidh ' nar measg .
 
Chan eil a bhith a ' slugadh stuthan ro thlachdmhor , no glé thric ro fheumail .
 
Mu dheireadh thall fhuair mi pille beag a tha toirt faochaidh , eadhoin , their iad , air a ' chasda maidne a bhios air luchd an tumbaca .
 
Cha chreid mi nach deachaidh mise a bhreith a ' casdaich , agus thug TAORYL stad orm .
 
Chan eil cunnart air bith ' nan cois ; faodar an tabhairt do ' n chloinn , is tha iad math aig àm na truthaich .
 
Nach éibhinn cho amharasach ' s tha na boireannaich , mar as tric , an uair a chì iad gealltanas ' ga thabhairt an cois rudeigin .
 
Anns na trì bliadhna mu dheireadh tha mi air ochd pàidhrichean stocainnean fhaotainn air ais bho KAYSER BONDOR .
 
Tha iadsan a ' toirt urrais , ma cheannaichear dà phàidhear ceart còmhla de ' n fheadhainn air a bheil CHARMED LIFE aca , agus chan eil iad càil nas daoire nan ath fheadhainn , gun toir iad dà phàidhear ' nan àite , ma shracas trì de na ceithir roimh cheann thrì fichead latha .
 
Air an

Powered by CQPWeb