Displaying extended context for query match in text 217003
    

na an talamh daingean fo ar cos .
 
Thàinig na Naoimh gu Fìobh .
 
O ' n Ghréig thàinig gu Fìobh an Naomh Raoghul , no Regulus , a ' tabhairt chugainn mìr cnàimh gairdein an Abstoil Aindreais .
 


[TD 41]

Na dèanadh neach sam bith fanoid air sin , oir ma bha gràdh aig a chàirdean do ' n Abstol so c ' arson nach leanadh iad ri mìr bheag de a choluinn ?
 
Chaidh an long ' s an robh iad a ' seòladh a bhriseadh air cladach gharbh an Rìgh - mhonaidh , * agus ghabh rìgh nan Cruithneach riutha gu cóimhneil ' n a fhardoch féin .
 
Chuala e an Soisgeul — gràdh Dhé do dhaoine , beatha agus bàs Chriosd air ar son , agus saorsa gu bràth o ' n pheacadh agus o ' n bhàs — agus chuir e mu dheighinn eaglais bhriagh a thogal agus a sgeadachadh le airgiod agus òr .
 
O ' n latha sin ghabh sinn ris an Naomh Aindreas mar Fhear Comaraidh na rìoghachd so .
 
Co dhiù tha an eachdraidh gu léir fìor no nach ' eil is ro chinnteach so , gu ' n tàinig maille ris a

Powered by CQPWeb