Displaying extended context for query match in text 400095
    

sràid an ceartuair choisich Ealasaid air an t - sràid mhóir , oir chomhairlich Uisdean dhi an ceum coise a sheachnadh , is gu h - àraid taobh nan taighean dhe .
 
Bha na sraidean fada , farsuing , oir leatha , aice dhi fhéin , is i a ' beachdachadh air a ' ghoirte is a ' ghainne a bha i a ' faicinn anns na failean a bha i a tadhal .
 
Thuirt i rithe fhéin , “ Nach bochd nach robh an cothrom agamsa .
 
.
 
.
 
.
 
” Cha d ' fhuair i facal an còrr abairt oir thainig làraidh , aig astar neo - cheadaichte , is b ' fheudar do dh ' Ealasaid leum gu sgiobalta gu tèarainteachd a ' cheuma .
 
Cha robh tìde aig Ealasaid a thogail agus maoidheadh - gun - éifeachd a dhèanamh nuair a sguab an làraidh timcheall an t - oisean , gun tilleadh na cabhaige , ged thuit cairbh muilt bhuaipe , cairbh a laigh cha mhór aig casan Ealasaid .
 
Bha an t - sràid cho sàmhach , falamh is a bha i roimhe .
 
Gu subailte chrom Ealasaid is thog i leatha am faodal aig an

Powered by CQPWeb