Displaying extended context for query match in text 400001
    

Thug i an uair sin sgrìob air “ Tiugainn do Scalpaidh ” agus “ Gog , gog , gog ” ' s i a ' sìor mhionnachadh gun cuala i a h - uile gin aca aig cailleachan a b ' aithne dhith bho linn nan creach .
 
Agus chreid an truaghan eile a h - uile diorraid gus an do leig Mairi Anna fhéin an cat am measg nan rollag .
 
Leis a ' bharrachd nach ann a stiall i air “ Laoidh na Rìoghachd ” agus thuig mi fhéin gun robh ' m fear eile a ' fàs amharasach , agus cha b ' fhada gus an do chuir e clos air gogail Màiri chòir .
 
Bha dùil agamsa gun robh a h - uile dad seachad , ach nach ann a thionndaidh an trusdar duine orm - sa agus thòisich e gam fhaochnadh gus rann beag air choireiginn a ghabhail .
 
Thuirt mise gun gabhadh fhad ' s nach cuireadh e air a ' bhocsa iad ' s cha do shaoil mise an còrr agus stiall mi orm .
 
A nise , na mo dhòigh fhéin , tha mise coltach ri cuid de na seinneadairean móra ; cha

Powered by CQPWeb