Displaying extended context for query match in text 102004
    

an deigh a h - uile ni ' chur ceart , nach robh dad gu ruighinn air Iain ' s air Alastair , ach aon choileach agus seann fhàradh .
 
' S e Iain bu shine de ' n dithis .
 
Thuirt Alastair ris gu ' m bu chòir dhoibh bàrr a chur ' s an talamh .
 
Dean thusa sin , ars ' Iain ' s e ' breith air a ' choileach ' s ' g a chur ' n a achlais .
 


[TD 45]

Dh ' fhalbh e mar so ' s an coileach aige ' n a achlais , gus an d ' ràinig e ' chéud bhaile mór .
 
Bha e fad an làtha ' coiseachd air ais ' s air aghart tre ' n bhaile , ' s cha do thachair neach air a thairg sgillinn air a ' choileach .
 
Cha robh fhios aige ciod a dheanadh e an uair a thigeadh an oidhch ' air — cha robh peighinn ruadh aige ' n a phòc a cheannaicheadh leabaidh no biadh .
 
An uair a bha e fad a dh ' oidhch ' agus a ghabh am baile mu thàmh , chunnaic e uinneag an

Powered by CQPWeb