Displaying extended context for query match in text 217003
    

is gu ' m bu mhac Fionnlagh do Ruaraidh Maor - mór Mhòraibh .
 
Na ' s fhaide air ais na sin cha ' n eil ainmean a shìnnsir air am fàgail againn .
 
Is e beachd cuid de luchd - eachdraidh gur ann Cruithneach a bha an teaghlach , is mar sin nach robh iad am mór bhàidh ri Sìol - Ailpin , is nach robh Sìol - Ailpein fo mhór - spéis dhoibh .
 
Cha ' n eil teagamh nach robh iad mar theaghlach suidhichte le freumhan domhain am Mór - roinn Mhòraibh , fior mheadhon na dùthcha Cruithneach is nach robh Mór - mhaorachd na Mór - roinne dligheach dhoibh mar theaghlach .
 
Ach co dhiubh a bha an inmhe sin co - cheangailte riu mu ' n d ' fhuair Siol - Ailpein uachdaranachd Chruithne ' nan làmhan féin no nach robh cha ' n eil fios no iomradh .
 
Co dhiubh ma bha iad a ' seasamh leth - oireach bho ' n teaghlach rìoghail gu so bha iad a nis air tighinn an dlùth dhaimh riu a thaobh pòsaidh , agus sin ris a ' phrìomh theaghlach .
 
Bha dà mhac aig a ' Mhòr

Powered by CQPWeb