Displaying extended context for query match in text 330
    

dè bha i a ' dol a ràdh .
 
Sin mar a bha e gu ruige seo .
 
B ' e sin an seòrsa fear a b ' fheàrr leatha .
 
Cha robh i idir ag iarraidh duine a bhiodh a ' feuchainn ri a smuaintean a mhìneachadh dhi ; bu mhath a dhèanadh i fhèin sin .
 
Duine socair , dàimheil , ann an suidheachadh fosgailte , a bha i a ' sireadh .
 
Shaoil leatha gun robh i air a sin a lorg , agus bha i a ' faireachdainn dachaigheil agus saorsainneil na chuideachd .
 
Bha i amharasach nach robh cabhaig air fhèin a bharrachd .
 
' S ann mar sin a bu mhotha a dhèanadh e de dh ' airgead .
 
Sin a bhiodh daoine ag ràdh .
 
Cha ghann nach canadh iad .
 
Cha b ' e leigheas mar

[TD 12]

sin a bha ise a ' sireadh ach dìreach seòrsa de dh ' fhois , gus nach biodh na faileasan glasa a ' nochdadh ro thric .
 
Agus bha airgead gu leòr aice a phàigheadh e , ged a bheireadh e gu Latha Luain .
 
Bha i air an còmhradh a chumail aotrom gu ruige seo

Powered by CQPWeb