Displaying extended context for query match in text 217003
    

dh ' fhàg Wyntoun Mac Bheatha an dlùth - chàirdeas ri nàmhaid a ' chinne - daonda .
 
Tha e soillear gu ' m b ' ann de Theaghlach Flaitheil Mhoiribh a bha Mac Bheatha .
 
Cho fad so is aithne dhuinn ; is e sin , gu ' m bu mhac e do Fhionnlagh , is gu ' m bu mhac Fionnlagh do Ruaraidh Maor - mór Mhòraibh .
 
Na ' s fhaide air ais na sin cha ' n eil ainmean a shìnnsir air am fàgail againn .
 
Is e beachd cuid de luchd - eachdraidh gur ann Cruithneach a bha an teaghlach , is mar sin nach robh iad am mór bhàidh ri Sìol - Ailpin , is nach robh Sìol - Ailpein fo mhór - spéis dhoibh .
 
Cha ' n eil teagamh nach robh iad mar theaghlach suidhichte le freumhan domhain am Mór - roinn Mhòraibh , fior mheadhon na dùthcha Cruithneach is nach robh Mór - mhaorachd na Mór - roinne dligheach dhoibh mar theaghlach .
 
Ach co dhiubh a bha an inmhe sin co - cheangailte riu mu ' n d ' fhuair Siol - Ailpein uachdaranachd Chruithne ' nan làmhan féin no nach

Powered by CQPWeb