Displaying extended context for query match in text 102001
    

Gallaich dhut ; S gach tì bha riut an diùmba , ' S nach dùirigeadh sealladh ort , A ' faicinn bhi ga ' n sgiùrsadh , Gu dùthaich nach buineadh dhoibh .
 
Le gasraidh fhinealt dheth do chinneadh Nach gabh giorag eagalach ; Luchd chlogaid ' s bhiodag ' s chorcan bireach , Cha philleadh luchd - bagairt iad ; Thig feachd Mhic - Shimi gu do mhilleadh , ' S ruithidh iad gu saidealta ; ' S gun teich iad o chlàr t - eudainn , ' Nuair dh ' eireas do chabar ort !
 
Th ' am brochan a ' toirt sàr dhuibh , ' S tha ' n càl a ' toirt at oirbh ; Ach ' s beag is misde ' n t - àrmunn , ' Ur sàth thoirt an nasgaidh dhuibh : Ge mòr a thug sibh ' chàise , Thar àiridhean Asainne , Cha ' n fhacas cuirm a ' m Fòlais , Ge mòr bha do chearcan ann ; Caisteal biorach , nead na h - iolair ' , Coin a ' s gillean gortach ann ; Cha ' n fhaicear bioran ann ri teine , Mur ' bidh dileag bhrochain ann

Powered by CQPWeb