Displaying extended context for query match in text 51
    

dorus , agus dh ' fhairich mi bhith gam ribeadh .
 
Ach .
 
a Mhurchaidh mhic Brian , tha mise smaointean , ciod a bhiodh a ' chlach stéidheadh a b ' ìsle bh ' ann an dorus na cathrach air a ceangal riumsa , gun tugainn liom as mo dheaghaidh i leis an leum a thug mi asam nuair a dh ' fhairich mi bhith gam ribeadh .
 
Ach an sin thuirt mi rium fhìn nach robh ann ach ribeadh faoin , agus choimhead mi stoigh , agus bha an a sin , air chùl an doruis , Macan Liathach Lochlann agus e ceangailte , agus ghrìos e rium fhuasgladh agus gum biodh e na dheagh chompanach dhomh , gu robh na fuamhairean an dràsd ag iasgach agus gu robh iad dol ga mharbhadh nuair a thigeadh iad .
 
Dh ' fhuasgail mi e , ” orsa Fear na h - Eabaid , “ agus chan fhaca mise sealladh dheth tuilleadh .
 
Chaidh mi stoigh a seo do sheòmbar eile , agus bha am boireannach a bha mi ' g iarraidh an sin , agus i na suidhe ann an cathair amalaidh òir , agus bha a ' chathair amalaidh

Powered by CQPWeb