Displaying extended context for query match in text 100
    

DH ' IAIN MAC SHIR THORMOID MHIC - LEOID .
 
LE MAIRI NIGHEAN ALASDAIR RUAIDH .
 
H - ithill uthill agus o , H - ithill o h - oireannan H - ithill uthill agus o , H - ithill o - h - o h - oireannan , H - ithill uthill agus o , H - ithill o h - oireannan Faillill o h - ullill o , H - o ri ghealladh h - i - il - an .
 
Ge do theid mi do m ' leabaidh Cha ' n é cadal is miannach leam , Aig ro mheud na tuile , ' S mo mhuilean gun iarann air , Tha mholtair ri paidheadh , Mur cailltear am bliadhna mi , ' S gur feumail domh faighinn , Ge do ghabhainn an iasad i .
 
H - ithill , &c .
 
Tha mo chion air a chlachair , Rinn m ' aigne - sa riarachadh , Fear mor , a bheoil mheachair , Ge tosdach , gur briathrach thu ; Gu ' m faighinn air m ' fhacal Na caisteil ged dh ' iarrainn iad ; Cheart aindeoin mo stàta , Gun chàraich sud fiachan orm .
 

Powered by CQPWeb