Displaying extended context for query match in text 294
    

Rathad Mór .
 
” Beannachd do Phaipeir an t - Sluaigh A chuir chugam mar mo dhuais Sgàileagan de ' n t - sioda luaight ' Gus mo ghuaillibh chomhdach !
 
Seist : — Rathad mór gu Ceann Loch Iùbh Rathad mór gu Ceann Loch Iùbh Rathad mór gu Ceann Loch Iùbh Rathad ùr gu Gearrloch .
 
Móran taing do ' n ghaisgeach ghrinn Chuir am fasgadh os mo chinn Ged bhiodh frasan ann gun dìth Cha tig nì ' nam chòir - sa !
 
Sìoda dubh air aisnean iaruinn Gàirdeanan de ' n mhiotailt cheudna Cas de ' n aiteann nach gabh fiaradh — Cearcall brèagh òire oirre !
 
Tha i taitneach anns an làimh Nì i bata air an làr Nì i taigh an uair theid i ' n àird ' Is gheibh mo nabuidh sgeòd dhith !
 


[TD 155]

Dh ' aindeoin stoirm a thig de ' n mhunadh Cha chuir i idir orm - sa cunnart Nì i stairirich air a mhullach Ach cha bhuin i dhomh - sa !
 
Neptune fiadhaich is eòlas greannach Roimhe dh ' fheuch ris an Dubh - Ghleannach — Cha chuir fiamh orm no aimheal Théid iad seachad dòigheil !
 
Beannachd uam

Powered by CQPWeb