Displaying extended context for query match in text 400087
    

shùil bha feadhainn eile ann da ' m b ' aithne a bhi ag obrachadh ' na h - aghaidh .
 
Ann an Uibhist chuirte brath gu bean de ' n t - seòrsa seo — oir mar bu trice b ' e boireannaich aig an robh an t - eòlas seo — is thigeadh i “ is dheanadh i snàthlain ” .
 
Ann a bhi deanamh snàthlain chan e mhàin gun ceangladh i an snàthain dearg ach chanadh i duanagan no seunan àraidh fads a bha i dol deasail mu ' n each .
 
Dh ' fheumte na facalan abairt .
 
Bha mi fada mun do thuig mi carson nach fóghnadh ach an ràdh .
 
Cha dean e an gnothach a bhi ga smaointeachadh .
 
Feumar an ràdh .
 
Theagamh gum bheil an creideamh ann a bhi dol deasail nas sine na beachdan nan Eabhrach oir is e a bhi deanadh aoradh do ' n ghréin a dh ' àraich e .
 
Mar a thuirt mi cheana b ' aithne dhomh fear anns an Eilein Sgitheanach aig an robh an t - amharus gun do laigh droch shùil air agh brèagha a bh ' aige .
 
Bha mi anns an

Powered by CQPWeb