Displaying extended context for query match in text 316
    

nuair a thuirt mi nach robh adhbhar ach gun do bhuail sgeum mi nach gabhadh diùltadh , is gu robh mi glè thoilichte gun tug mi a srian dhi .
 
Nuair a bhruidhinn e rithist , is e a thuirt e , “ Tha mi toilichte d ' fhaicinn a ' falbh ceann - ruisgte .
 
' S e call a bhios ann nuair a thèid dealradh an fhuilt sin fhalach .
 
” Ach dè an smuaint a chuir bròn air ?
 
Cha do lean an cuilean mi cho fada an - diugh .
 


[TD 66]

dh ' fhàg cho amharasach e ?
 
Sheas e a ' dian - choimhead as mo dhèidh mun do thill e dhachaigh .
 
Fois , fois .
 
Is cadal .
 
An 6mh .
 
Fannachd foghair air an latha ceò a ' ciaradh nam mullach , duilleagan a ' tuiteam ' nan àm , tè as dèidh tè , gun seachnadh aca air .
 
Cha robh de mhisneachd agam luibh a spìonadh no nì a ghearradh .
 
An 7mh .
 
Latha neònach .
 
Bha ciurach uisge ann sa mhadainn .
 
Cha tàinig grian ris .
 
Ach bha mi cho sona leam fhìn a ' leughadh is

Powered by CQPWeb