Displaying extended context for query match in text 316
    

gàrradh a sgioblachadh .
 
Ach air an socair .
 
Mholamaid an latha is sheasadh iad a ' coimhead as mo dhèidh mar gu robh iad a ' gabhail tomhas na tè ùire .
 
Air mo rathad dhachaigh lean cuilean beag geal mi bhon taigh air an taobh seo .
 
Bha e snotadh gach tom , ag èalaidh mu m ' chasan gus an do ruig e ion ' s an geata .
 
An uair sin , mar gu faigheadh e leòn bàis , sheas e ' na bhuinn , rinn e aon donnal guinte , thug e sùil gheilteach , amharasach ormsa , is theich e mar a bheatha , a bhrù ris an làr , earball sìnte dìreach bhuaithe , a chluasan ri chlaigeann .
 
Chan fhaca mise nì a chuireadh eagal air .
 
Chaith mi am feasgar gu tur anns a ' ghàrradh , gu tric is gu sona a ' coimhead mun cuairt .
 
Nis , gu sona gu cadal .
 
An 5mh .
 
Lainnir grèine , lainnir mara , lainnir gach nì a tha gluasad , gach nì a tha .
 
Ged nach robh ceann gnothaich agam , choisich mi a - null ceann an òib is

Powered by CQPWeb