Displaying extended context for query match in text 102004
    

sgribheadairean .
 
Am measg ar sgribheadairean tha atharrach beachd mu thimchioll iomadh ceist chudthromaich a tha ' luasgadh inntinnean Ghaidheal a ' s Ghall ' n ar latha ; agus feudaidh e bith air uairean gu ' n saoil ar luchd - leughaidh gu ' m faic iad beachdan air an toirt air an aghart nach ' eil a reir am barail - san cothromach .
 
Their sinn , a dh ' aon fhocal , nach robh , nach ' eil , ' s nach bi an Gaidheal , cho fad ' s a bhitheas an fhailm ' s an achlais ' s am beil i , de bhuidhinn seach buidhinn .
 
Gun teagamh feumaidh gach sgribheadair a shaorsa fein fhaotainn air son a smuaintean a chur an cainnt ; ach cha bhi ceist air am beil atharrach barail am measg Ghaidheal air a deasboireachd ' s an leabhar so .
 
Air taobh na firinn ' s nan deagh - bheus — an aghaidh foirneirt a ' s ceilg , seasaidh sinn gu daingean , a dh ' aindeoin co ' theireadh e ; agus air son a ' chorr , bu mhath leinn a bhi ' meudachadh eolais ' s

Powered by CQPWeb