Displaying extended context for query match in text 217003
    

MAC DHIARMAID .
 


[TD 1]

Mac Bheatha is Crun Albann ANNS a ' bhliadhna 843 , thainig Coinneach Mac Ailpein , rìgh Dhail - riada , gu bhi ' na rìgh air Cruithne mar an ceudna .
 
Bha mar sin Albainn uile gu léir , tuath air Dun - Breatann is an Abhuinn Dubh fo shròil Shìol Ailpein .
 
Thainig a ' chòir so air Coinneach , ris am faodar Coinneach I .
 
a ràdh , a thaobh fola air an da thaobh , a thaobh a sheanar air taobh nan Sgotach , is a thaobh a sheanamhar air taobh nan Cruithneach .
 
Tha Aindreas Lang a ' toirt fa - near gu ' m bu Choinneach theagamh an rìgh dligheach a réir nòis an dà shluaigh , is mar sin gu ' m faodar a chreidsinn gu ' n robh Sgotach is Cruithneach le chéile lan thoilichte !
 
Is ann le nàdur magaidh a tha Lang ' g a ràdh so , ach faodaidh beagan de ' n fhìrinn a bhi aige .
 
Ach biodh sin mar a thogras e , bha còir Shìol Ailpein air crùn Albann air a dheadh dhaingneachadh , air los is a dh ' aindeoin gach

Powered by CQPWeb