Displaying extended context for query match in text 301
    

t - sergeant ach air stéidh eile .
 
Thubhairt e nach e cainnt laghail a bha anns a ' Ghàidhlig idir , ach atharrais de chànan , “ patois ” no “ dialect , ” mar a their iad anns a ' Bheurla .
 
Cha do dh ' ainmich e cànan màthaireil na “ h - atharrais ” .
 
Nam biodh eadhon beagan eòlais aige air cànain Cheilteach , chanadh sinn gum b ' e a bheachd gum b ' e meur no meanglan de Ghàidhlig na h - Eirinn a tha ann an Gàidhlig Albannach , ach tha mi amharasach gu robh e tur aineolach air a ' chùis .
 
Uime sin tha e coltach gu robh e a ' smaointeachadh gum b ' e seòrsa de Bheurla “ leathainn ” a tha anns a ' Ghàidhlig againne , cainnt , mar gum biodh a bhuineas do ' n aon teaghlach litreachail ris a ' Bheurla aig a ' bhàrd Burns no aig a ' ghloicear , Harry Lauder .
 
Coma co dhiùbh , bha a ' Ghàidhlig , an déidh còig bliadhna , air a h - inbhe àrd ann an cùirtean - lagha Astràilia a chall .
 
Fhuair

Powered by CQPWeb