Displaying extended context for query match in text 217002
    

is Albainn .
 
Bha dlùth - dhaimh a ' daingneachadh a ' chàirdeis so , is gu sònraichte an déidh do na Gàidheil Scotach an imrich a ghabhail thar a ' Chaoil b ' iad mar gu ' n abairteadh , an t - slabhruidh a bha a ' ceangal na dà dhùthcha ri chéile .
 
Bha an aon teanga coitcheann do ' n dà dhùthaich ; bha teaghlach rìoghail na h - Albann am mach á fuil rìoghail na h - Eireann , is nuair a thàinig Coinneach Mac Ailpein gu bhi ' na rìgh air dùthaich aonaichte nan Cruithneach is nan Scotach , bha choltas air an nighinn gu ' n tigeadh i an ùine ghèarr gu bhi cho àrd - inmhe ri a màthair taobh siar a ' Chaoil .
 
Nuair a chuir Gàidheil Eireann an cath buadhmhor ud — tuille is buadhmhor mar a thugas fa ' n ear — air Cluan - tairbh ' sa bhliadhna 1014 , bha cuideachadh nach robh beag no suarach aig Brian fo a làimh , a ràinig e thar sàile á Albainn fo stiùradh Morair Mhàirr .
 
Bha an stéidh air a leagail , is gealltanas a nis ' ga

Powered by CQPWeb