Displaying extended context for query match in text 102001
    

agus air dhomh dol as teach , bha fear ann an sin ' sa cheann gu ruig a ghuaillean ann am ballan uisge , feuchain an tugadh e sia sgillinn de ' ghrunnd .
 
Theirteadh na ' n tugta an t - sia sgillinn á grunnd a ' bhallain uisge , leis na fiaclan , gu ' m faigheadh a neach a dheanadh sin ceile , luath no mall .
 
Chuir mi fhein mo cheann ' san uisge , agus gach uair a dh ' fheuchainn ri chur fodha , thigeadh an aileag orm , ' s ged a bhithinn a ' stri ris an t - sia sgillin a thogail fhathasd cha bhithinn dad n ' a b ' fhearr ; agus sgur mi , oir bha e cho fasa dhomh snaoisean fhaighinn o “ Dhòmhnull na Gealaich ” ' sa bha e dhomh greim a dheanamh air an t - sia sgillinn .
 
Dh ' fhiach mi ' n sin ri ubhall a thoirt as a ' bhallan , ach cha b ' e dad a b ' fhasa dheanamh : as ghéill mi .
 
Chuireadh an sin brat air m ' eudainn , gus an robh mi

Powered by CQPWeb