Displaying extended context for query match in text 301
    

cuid - eigin , ach am biodh e cho cosgail no cho sgriosail ri cogadh eadar sluagh dubh Africa agus na daoine geala ?
 
Ged a dh ' fhàgadh na h - Astràileanaich an treas cuid de ' n fhearann ann an làmhan nan daoine

[TD 61]

dubha , cha chreid mi gum feumadh aon Astràileanach geal a dhol gu tigh nam bochd .
 
Bhiodh Stàit an Aigh ceart cho seasmhach is a tha i aig an là an diugh .
 
Tha Pàrlamaid agus Ard - riaghaltas Astràilia làn de dheagh rùn a thaobh nan daoine dubha , ach tha mi amharasach mu ' n ghliocas , agus saoilidh mi an dràsda is a rithist gu bheil caora Spàinnteach na clòimh mhìn is bhachlaich a ' tighinn eadar iad agus an solus .
 
Tha mi dearbhte ' nam inntinn fhéin gun do rinn na “ missions ” Crìosdail cus a bharrachd maith a ' cuideachadh an t - sluaigh dhuibh na nì Pàrlamaid agus laghan gu sìorruidh .
 
Ma tha cridhe ann an uchd an lagha , tha e fuar agus cruaidh , ach tha coibhneas , foidhidinn , agus carthannachd anns na teachdairean soisgeulach nach còir dhuinn a dhì - chuimhneachadh

Powered by CQPWeb