Displaying extended context for query match in text 217001
    

idir a ' faicinn .
 
Air thùs agus air thòiseach , gabhamaid beachd nach eil Gille - Crìosd ag innseadh duinn uiread agus aon uair có e a b ' athair dha , ged is iomadh bann - seilbhe a thàinig a nuas duinn air am bheil a ainm - sa sgrìobhte .
 
Tha againn am pailteas de iomradh air Gille - Crìosd mar fhianuis maraon is mar thabhartair - fearainn .
 
Agus anns an nì so féin a thug mi fa near , chan eil cinnt nach robh e air a stiùradh is air a sheoladh le gnàths nan Cruithneach , leis nach robh e riamh bitheanta , a réir coltais , iomradh a dhèanamh air sloinneadh an athaireachain , an àm daibh bhi dol an ceann ghnothaichean de ' n t - seorsa ud .
 
Rud eile .
 
Gabh beachd gur e mac peathar a bh ' anns an duine a thug oidhirp air Donnachadh a chur á seilbh o ' n mhoraireachd , agus a rinn co - chòrdadh ris , leis an d ' fhuair e sealbh air cuid mhór de ' n mhór - roinn , ged nach robh e comasach dha an inbhe a bha

Powered by CQPWeb