Displaying extended context for query match in text 102001
    

DO CHOMUNN NAN GAIDHEAL ANN AM BAILE THORONTO .
 
LE EOGHAN MAC - CHOLLA .
 
Ciad fàilte air Comunn nan àrmunn deas , foinnidh , Ni dùthchas an ath ' raichean ' chumail a suas , Seann dùthchas nan Gàidheal , an cliù a ' s an cànain — A ' chainnt sin a thàinig bho Adhamh a nuas — Mar sud a ' s an t - éideadh , air sràid no air sléibhte , Ta uallach , deas , eutrom — grinn , greadhnach an snuadh ; Sàr - chomunn mo chridhe !
 
cha ' n ioghnadh ged bhithinn ' An so , mar is dligheach , a ' guidhe leo buaidh .
 
Mo ghaol na fir ùra nach cuireadh an cùl - thaobh Ri Ceòlraidh an dùthcha — fìor dhùthaich nam Bàrd : Bho mhac rìgh na Féinne gu Donnacha Bàn geur - bhinn , Co ' n tìr sin fo ' n ghréin air a h - aosdàin bheir bàrr ?
 
Co ' n neach leis nach solas bhi ' n cuideachd luchd òrain ?
 
Deagh iomradh ' n an còmradh mo stor agus m ' àgh ; Bi ' bh sibhse nis dìleas do chleachduinn co

Powered by CQPWeb