Displaying extended context for query match in text 301
    

Fiachan Gun Phàidheadh Amhairc air Dia , Criosd taisgte beò ' nar feòil ; Faic crann a cheusaidh — sealladh goirt nan deur — Rùsg cruaidh is searbh a ' falach tròcair Dhé , Iocshlaint chaoin do chlann nan daoin ' fo leòn .
 
Dé mhaoin tha agamsa a dh ' ìocas mi ?
 
Am pàidh mi m ' fhiachan leis a ' chopan bheag A tha ' nam làimh ?
 
Dé luach mo bheusan lag , Mo thrusgan sean , mo léine luideach lìn ?
 
Tha mi ' nam bhraighdeanach , gun chuid , gun nì , Leth - amharasach gu robh an cùmhnant teann .
 
A bheil mi tuigsinn gur e ' n diugh an t - ám ' S an iomchuidh dhomh a ' cheist a chur rium fhìn : “ A bheil thu tairgsinn buinn de dh ' umha saor , Is Criosd ' ga ìobradh fhéin ' na airgead naomh ?
 


[TD 26]

Ann an Tìr Airtnealach Chan ' eil an dàn dhomh nis ach bàs ; Tha mi ' nam thruaghan bochd is tinn A dh ' éireas éiginneach ' s a chì An ròs a ' fàs gun spàirn .
 
Chan ' eil an

Powered by CQPWeb